Tag Archives: RLS

Ath-neartachadh Cànain agus Litreachas

The English version of this blog is available here: liamalastair.wordpress.com

ATH-THILLEADH GLUASAD CÀNAIN

Is e aon de na prìomh dhleasdanasan a th’ aig foillseachadh Gàidhlig a bhith a’ cur ri cleachdadh, àbhaisteachadh, agus ath-neartachadh cànain. Sa phost seo, bheir mi sùil air iomairtean Ath-thilleadh Gluasad Cànain agus litreachas – aon ghoireas a tha corra uair air a dhearmad aig luchd-iomairt mhion-chànainean.

Ìre 6 (air tomhas GIDs no Graded Intergenerational Disruption Scale), J. Fishman (1991): gun tèid a’ mhion-chànain a cleachdadh mar dhòigh-chonaltraidh do choimhearsnachd talmhaidh agus gun tachair tar-chur na cànain o ghinealach gu ginealach.

Gu bitheanta, bidh luchd-iomairt mhion-chànainean a’ cur earbsa mòr ann am briathran Fishman sna leabhraichean aige mu dh’ath-bheòthachadh chànainean a tha an an cunnart. San leabhar aige, Reversing Language Shift (1991), chruthaich e griod-tomhais, mar an sgèile Richter, gus na diofar ìrean de bheòthalachd cànain a mheasadh le bhith a’ coimhead air na diofar ìrean de mhì-chothromachadh a bhios mion-chànain a’ fulang.

Chruthaich e ochd ìrean, agus Ìre 6 (cànain choimhearsnachail air a tar-chur o ghinealach gu ginealach) a’ gabhail bunait de gach iomairt ath-bheòthachadh cànain. Agus is e sin an aon ìre a tha sinn an impis a chall air a’ Ghàidhealtachd. Gu dearbha, leis nach eil a’ Ghàidhlig ach aig 52% de dhaoine anns na h-Eileanan Siar ann an 2011 (tuiteam o 2001 agus 1991), tha sinn gu h-ìre mhath air an ìre seo a chall.

ALBA AGUS FOGHLAM TRON GHÀIDHLIG

An aghaidh molaidhean Fishman, tha Alba air na h-oidhirpean ath-bheòthachadh na Gàidhlig a’ cuimseachadh air foghlam (FTG agus clasaichean Gàidhlig). Ged a tha a’ Ghàidhlig ga crìonadh air Ghàidhealtachd, tha i a’ fàs nas làidire air Ghalltachd. ‘S ann mar thoradh do dh’fhoghlam tron Ghàidhlig a tha ag adhbharachadh seo gu h-ìre. Ach air sgàth gainnead na Gàidhlig san taigh, bidh cuid den chlann na bu fhileanta anns a’ Bheurla seach a’ Ghàidhlig. A bharrachd air sin, bidh fèin-aithnean pearsanta agus sòisealta (personal and social identities) na bu mheasgaichte na bha riamh ann.

It appears that a Gaelic-speaking identity is not particularly strong or pervasive amongst many young Gaelic speakers. Gaelic does inform their identities, in different ways, depending on their subjective, social contexts.” (Oliver 2006: 167).

Ann an aithisg J. Oliver (2006) air fèin-aithne am measg oileanaich ann am FTG, mhothaich e sgaradh eadar na sgoilearan anns an Eilean Sgitheanach agus an Glaschu. Anns an Eilean, bha fèin-aithne stèidhichte, sa mhòr-chuid, air dualchas, cultar, agus fearann seach cànain. Ach, an Glaschu, bha cuideam na bu mhò air cànain. Tha buaidh mhòr aig fèin-aithne air cleachdadh-cànain.

“AN GÀIDHEAL ÙR”

Is e na tha sinn a’ mothachadh ach ‘an Gàidheal ùr’, mar a thug an t-Ollamh Coinneach MacFhionghuinn air. Is e sin ach luchd-labhairt na Gàidhlig nach eil a’ buntainn ri coimhearsnachdan tradaiseanta Gàidhealach sam bith.

Tha na Gàidheil ùra air a bhith feumail do leasachadh na cànain. Tha iad air chur ri h-àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig. Cuideachd, bidh iad a’ toirt ri fàs na h-eaconomaidh Gàidhlig, le bhith a’ ceannachd stuthan Gàidhlig (MacCaluim 2006, 2007). Sa bhitheantas, tha iad a’ fuireach air Ghalltachd, sna bailtean mòra agus iad gu math foghlamaichte.

Gu dearbha, tha poileasaidh na Gàidhlig ann an Alba a’ cur cuideam mòr air foghlam mar bhunait. Air an dara làimhe, tha seo a’ fàgail gu bheil Gàidhlig-an-taighe a dhìth air iomadh Gàidheal ùr (a’ gabhail a-steach cloinne). Ach, air an làimh eile, tha e a’ fàgail gu bheil an uiread de luchd-caitheimh litreachais air dhol am meud. Agus sa bhitheantas, ’s ann as àirde a tha do chuid-foghlaim, ’s ann as mò a leughas tu, a rèir coltais.

LEABHRAICHEAN NA GÀIDHLIG AGUS GÀIDHLIG-AN-TAIGHE

Bidh an suidheachadh seo a’ toirt deagh chothroman do litreachas na Gàidhlig san àm ri teachd. Thug mi iomradh mar-thà air mar a chuireas leabhraichean Gàidhlig ri comasan-cainnt an luchd-ionnsachaidh. Mar eisimpleir, carson nach foillsicheamaid leabhraichean a bheireadh Gàidhlig-an-taighe don fheadhainn aig a bheil feum air an leithid? No, nas fhaide air an t-slighe sin, fiù ’s faclan mì-mhodhail! (cf: an leabhar ùr aig M. Newton, The Naughty Little Book of Gaelic, a thèid fhoillseachadh an ceann goirid). Fèill mhath orra agus iad a’ cuideachadh ri ath-neartachadh na cànain le bhith a’ toirt Gàidhlig nàdarra don neach.

Bidh leabhraichean a’ leudachadh coimhearsnachd-cànain. Leigidh iad leat bruidhinn ’s a’ beachdachadh ri tòrr mòr dhaoine (air maireann ’s nach maireann), a’ toirt dhut barrachd beartais-cànain (cf: Kaplan agus Baldauf, Language Planning: 133). Theagamh gun cuidich leabhraichean na beàirn a tha crìonadh na Gàidhealtachd (agus call Ìre 6) a lìonadh nar cleachdadh-cànain. Chan e leighis a th’ annta, ach taic.

Agus leughaidh daoine leabhraichean. Leabhraichean Gàidhlig. Na mo thràchdas fhèin, a-mach air cleachdadh na Gàidhlig am measg Oileanach Fo-cheumnach aig Oilthigh Dhùn Èideann, fhuair oileanaich Cheiltis (aig a bhitheadh ùidh mar-thà anns a’ Ghàidhlig) cuid den chleachdadh a bu bhitheanta bho leabhraichean Gàidhlig (Crouse 2012: 27).

Feumaidh gun cuir sinn romhainn na h-àireamhan seo a leudachadh. Leanaidh an deasbad air mar as urrainn dhuinn sin a dhèanamh na b’ fhaide air aghaidh sa bhlog.

*Taing don Oll. Wilson McLeod airson sùil a thoirt air a’ phost seo.

TÙSAN

Crouse, L., (2012), Cleachdadh na Gàidhlig am measg Oileanach Fo-cheumnach aig Oilthigh Dhùn Èideann, tràchdas fo-cheumanch neo-fhoillsichte.

Fishman, J., (1991), Reversing Language Shift: Theoretical and Empirical Foundations of Assistance to Threatened Languages, Clevedon: Multilingual Matters.

Kaplan, R., & Baldauf, R., (1997), Language Planning From Practice to Theory, Clevedon: Multilingual Matters.

Losonsky, A., (2013), The Gaelic Language: Its Past, Present and Future in Scotland and the Publishing Industry, tràchdas iar-cheumnach neo-fhoillsichte.

MacCaluim, A., (2006), “‘More than Interesting’: a’ Ghàidhlig sa Bhaile Mhòr”, ann an Gàidhealtachdan Ùra, deas. McLeod, td. 19-30.

MacCaluim, A., (2007b), “Air iomall an iomaill? Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an ath-thilleadh gluasad cànain”, ann an Revitalising Gaelic in Scotland, deas. McLeod, td. 185-198.

Oliver, J., (2006), ‘Where is Gaelic? Revitalisation, language, culture and identity’ ann an Revitalising Gaelic in Scotland, deas. W. McLeod, Dùn Èideann: Dunedin Academic Press, td. 155-68.

Advertisements

1 bheachd

Filed under Saoghal na Gàidhlig