Category Archives: Lèirmheasan

Ùpraid (2006) le Éilis Ní Dhuibhne

Ùpraid (2006) le Éilís Ní Dhuibhne

Leughadh aotrom do dh’inbhich òga

‘S ann a-mach air triùir dheugairean aois àrd-sgoil a tha fuireach ann am Bail’ Átha Cliath a tha Ùpraid, agus an t-atharrachadh a thig air an tuigse-beatha às dèidh dhaibh ùpraidean mòra a dh’fhulang nam beathannan. Chaidh an leabhar, a bha air a sgrìobhadh bho thùs sa Ghàidhlig Èireannach, eadar-theangachadh gu Gàidhlig le Beathag Mhoireasdan.

Tha an leabhar seo aotrom, siùbhlach, is furasta ri thuigse agus gabhaidh snàth-sgeulachd an leabhair a leantail agus a chreidsinn gun mhòran strì.

Tha dà ghille agus caileag a’ tighinn gu deireadh san cuid-foghlaim aig ìre àrd-sgoil agus na deuchainnean àrd-ìre a’ fantail os an cionn. Is e na deuchainnean mòra bagrach, agus a’ bheatha a bhitheadh comharran àrda a’ fosgladh dhaibh nan dèidh, air inntinn gach aon.

Ach, tha dùbhlain a bharrachd air sgoil ag èirigh ris an fheadhainn seo anns na beathannan àbhaisteach aca. Thig na triùir dheugairean à diofar cùl-suidheachaidhean sòisealta agus sin a’ toirt buaidh mhòr air dè mar a ghiùlaineas iad air taobh a-muigh na sgoile. Tha cuid dhiubh beairteach, ann an taighean mòra prìobhaideach, agus cuid eile nach eil, ach a bhitheas dripeil nan obair. Bidh an leabhar a’ toirt sùil air tnùth is claonadh sòisealta ann an Èireann (agus Breatainn) air an latha an-diugh.

Seadh, bidh an leabhar seo cuideachd a’ dèiligeadh ri cuspairean mòra leithid sgaradh eagar-sòisealtais, droch dhìol, agus eile. Agus mar leabhar aotrom, daonnan b’ ann gun mhòran doimhneachd a bhitheas e gan cnuasachadh. ‘S math dh’fhaoidte gur e sin aon laigse san leabhar. Ach air an làimh eile, ann an corra dòigh, bidh an dìth doimhneachd agus seachnadh-tuigse a’ cur ri stoidhle nàdarra an leabhair.

Tha slighean-beatha aig gach caractar air an cur bus-os-cionn nuair a thachras ùpraidean gun rabhadh agus gu h-obann. Ged-tà, anns a’ mhì-chinnt ùr, thig leasachadh agus atharrachadh air gach aon dhiubh ann am mar a dhèiligeas iad ris na buairidhean seo.

Bha sinn uile uair nar deugairean. Mar sin, saoilidh mi gum faod sinn ceangal gu pearsanta a dhèanamh ris na caractaran san leabhar: cò ris a tha e coltach a bhith air taobh a-muigh no a-staigh buidheann-shòisealta, no deuchainnean mòra a’ fantail os do chionn agus iad comasach air slighe do bheatha a dh’fhuasgladh no a chuingealachadh, no a’ feuchainn ri neo-eisimeileachd phearsanta a choisinn ann an taigh do phàrantan.

‘S ann do dh’inbhich òga a tha an leabhar seo, ach faodaidh gun tèid a mhealtainn le duine sam bith!

Advertisements

1 bheachd

Filed under Lèirmheasan, Uncategorized