Gàidhlig, Litreachas, agus Foillseachadh

The English version of this blog entry is available here: liamalastair.wordpress.com

FEUMALACHDAN LITREACHAS NA GÀIDHLIG AIR FOILLSEACHAIREAN

Ann an saoghal litreachas na Beurla, tha daoine a’ sìor fhaighneachd ‘carson a tha feum againn air foillseachairean?’ Tha freagairtean gu leòr aig foillseachairean don cheist seo (agus carson nach bitheadh – ’s iad na h-aon daoine a bhitheadh a’ call an dreuchdan).

Nise, gun a bhith dol cho fada a-steach don ghnothach an-dràsda (leanaidh sin na b’ fhaide air aghaidh), bu mhath leam measadh a dhèanamh a thaobh feumalachdan litreachais agus fhoillseachairean ann an saoghal na Gàidhlig.

Chan eil foillseachadh na Gàidhlig co-ionnan ri foillseachadh na Beurla – seadh, tha a’ cheart uiread de dh’eadar-dhealachadh ann eadarra ’s a tha de choltas. Mar dheagh eisimpleir, saoilidh mi gur e cleachadh, cothromachadh, agus ath-neartachadh cànain aon dhleastanas mòr a th’ aig foillseachadh na Gàidhlig. ‘S chan eil aig foillseachairean na Beurla.

CLEACHDADH ANN AN CLÒ

Cànain, clò, is cleachadh. Sin e a-rithist. Sa phost mu dheireadh, thug mi geàrr-iomradh air co-cheangail a th’ aig na trì faclan seo.

Mar a thuirt an tìdsear Gàidhlig agam, Joan NicDhòmhnaill, ris a’ chlas uair, “’Mar as moth’ a leughas tu, ’s ann as fheàrr a sgrìobhas tu. Mar as moth’ a sgrìobhas tu, ’s ann as fheàrr a bhruidhneas tu.” Beachd cuideachail do neach-ionnsachaidh – leugh, leugh, leugh!

[Anns an tionndadh Bheurla, thug mi geàrr-iomradh seachad air cor na Gàidhlig ann an Alba. Mar luchd-labhairt na Gàidhlig, tha mi gur measadh eòlach air an t-suidheachadh mar-thà. Seachnaidh mi an seo e.]

A dh’aindeoin ’s gu bheil àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig a’ tuiteam fhathast, tha an ruaig air sochrachadh. Agus tha lainnir as ùr air bùrn na tobrach. Tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a’ sìor leudachadh, agus barrachd òigridh air an nochdadh don chànain (tuilleadh air gluasadan margaideach na Gàidhlig a dh’aithghearr). Bha èirigh san àireamh de dhaoine fon aois 20 aig a bheil comas ann an Gàidhlig a bhruidhinn. Ged-tà, tha an taic agus an cleachdadh a tha do-sheachanta do chlann gus ruigsinn fileantachd sa Ghàidhlig a dhìth. Bidh iad feumach air an uiread a bu mhò de thaic a ghabhas cur riutha (gu sònraichte, ach chan ann a-mhàin, anns an dachaigh). Leis gu bheil comasan-leughaidh ag èirigh thairis air an fhichead bliadhna mu dheireadh, is e aon dhòigh mhath gus seo a choileanadh tro leabhraichean.

Bidh leabhraichean a’ toirt cleachdadh agus stiùireadh dhuinn – Goistidh na Gàidhlig, mar gum b’ e. Bidh leabhraichean a’ bruidhinn ruibh, a’ roinn smuaintean ruibh. Agus, nan robh thu mar mis’, nam neach-ionnsachaidh, no mas e Gàidheal neo-fhileanta a th’ annaibh, no gun a’ Ghàidhlig nur beatha làitheil (no ge b’i dè), bidh leughadh na Gàidhlig ann a’ toirt cleachdadh dhuibh. Cuideachd, uaireannan, bidh leughadh na Gàidhlig a’ neartachadh, ’s a’ cur ris do chuid Gàidhlig. Tha cuimhn’ ’am comh-aois san sgoil a bha aon latha a’ sìor-mholadh na Gàidhlig a tha am broinn Rosg nan Eilean. Dìreach saoil, ’s ann coltach gum bi na bodaich làn-an-claiginn de Ghàidhlig fhèin a sgrìobh na sgeulachdan a’ bruidhinn ruibh anns an fheòl! ‘S ann na b’ ainneimh a bhitheas sin ’sna làitheachan tha romhainn, gu seachd àraidh do na daoine nach eil an sàs ann an coimhearsnachdan tradaiseanta Gàidhealach.

FOILLSEACHAIREAN AGUS BEÀIRN LITREACHAS NA GÀIDHLIG

Agus an seo, a’ cheist mhòr – ma tha daoine a’ cnuasachadh air feumalachdan nam foillseachairean ann an saoghal na Beurla, dè am feum a tha foillseachadh na Gàidhlig gu bhith toirt dhuinn?

Bidh foillseachairean a’ dèanamh iomadach rud. Chan annta, mar as trice air inntinnean grunn daoine, bleigeardan mòra sanntach a bhitheas a’ cosnadh beairteas air muin smuaintean an ùghdair bhochd (uil, chan annta uile).

Ach, aon rud a bhitheas iad a’ dèanamh, is e sin a’ measadh ’s a’ beachdachadh air margaidean litreachais. Bidh iad a’ sireadh fhànasan – niches – ris am b’ urrainn dhaibh leabhar ùr snasail a chàradh a-steach. (Leabhar, aon uair is gun deach a chàradh, a choisneas prothaid. [Ach a bharrachd air prothaid am foillseachadh na Gàidhlig aig uair eile.]) Aon uair is gun deach beàrn a lorg (agus fhad ’s a thathar a’ bruidhinn timcheall litreachas na Gàidhlig: beàirn taobh a-staigh bheàrn), coimiseanaidh iad cuideigin gus a lìonadh.

Agus am faod duine sam bith an seo innis dhomh nach eil litreachas na Gàidhlig làn bheàrn? No, na b’fhìor, tuill. Tuill mhòra. Tuill cho mòr ’s gu bheil iad comasach air genrethen gu lèir a shluigeadh!

Bidh foillseachairean a’ cruthachadh ro-innleachdan gus beàirn a lìonadh taobh a-stigh mhargaidean. Aon bheàrn, a b’ àbhaist a bhith fada na bu mhò na tha e nise, is e ficsean ùr. Ann an 2003, thòiseachadh an sgeama Ùr-sgeul leis an dùil gun lìonadh e beagan den toll a bh’ ann. Agus lìonadh, gu h-ìre. Leis cho mòr a bha an toll mu choinneamh, bha an sgeama air leth soirbheachail. Sheall e dhuinn na ghabhas a dhèanamh ann an saoghal na Gàidhlig dar a tha an ro-innleachd ceart ann. Tha feum aig litreachas na Gàidhlig air tuilleadh sgeamaichean agus iomairtean dha leithid, air an cur an gnìomh le foillseachairean a tha an dà chuid dìleas agus beachdail mu na beàrnan a th’ ann.

THÈID A’ CHUIBHLE MUN CUAIRT

‘S iomadh dùbhlain a tha mu choinneamh litreachas na Gàidhlig. Ged-tà, nuair a thòisicheas a’ chlach a’ ruith leis a’ bhruthach (agus ’s i a tha gu h-ìre bheag a’ cur nan car mar-thà), chan ann ach gun tèid i na bu luaithe air aghaidh. ‘S e seo an rud: sgrìobhaidh ùghdairean leabhraichean, leughaidh leughadairean leabhraichean, agus bidh (corra) leughadairean an uair sin a’ togail orra sgrìobhadh. Aon uair agus gun tòisich sinn an litreachas a leudachadh (agus ùrachadh), gabhaidh a’ chuibhle ath-chuartachail seo stèidheachadh. Steall oirbh!

Advertisements

11 beachd(an)

Filed under Saoghal na Gàidhlig

11 responses to “Gàidhlig, Litreachas, agus Foillseachadh

  1. Deagh àiste. Ach saoil a bheil “lainnir as ùire air burn na tobrach”? Tha sin fhathast ri mheas!

    • Uil, feumaidh mi ràdha, bha na toraidhean fada na bu dhòchasaich na bha dùil agam! Ach, tha sibh ceart – tha an tobar feumach air rèiteachadh mòr mus bi i tabhainn uisge ghlan (am bi i gu bràth?) a-rithist.

  2. A thaobh nan toll ’s nan “genrethen”, bidh sinn a’ faicinn fo-ghnèithean-sgrìobhaidh (sub-genres) ùra a’ nochdadh ann am foillseachadh Beurla (child-in-the-attic misery memoirs, brooding teenage vampire romances, “mummy porn” spanking erotica, a.m.s.a.a.), a’ lìonadh na margaidh airson beagan mhìosan, a’ cosnadh fortan do na h-ùghdairean agus do chuid a tha a’ leantainn às an dèidh, agus a’ dol às an fhasan a-rithist cho luath ’s a thàinig iad.
    Ma tha na foillsichearan againn fhìn ag amas air a leithid, air leabhraichean aotrom a leughas na mìltean de leughadairean, dh’fhaodadh iad oidhirp mhòr a dhèanamh agus fhaighinn fada ceàrr. Is e sin an cunnart. Fiù ’s leis na gnèithean nas farsainge (thriller, romance, fantasy, detective, sci-fi) chan eil corpus againn sa Ghàidhlig ann an gin diubh, agus mar sin tha coltas caran aonaranach air na beagan leabhraichean “genre” a th’ againn … agus is e oxymoron a th’ ann an sin.
    Inntinneach cuideachd nach robh briathrachas agam airson ainmean nan gnèithean-sgriobhaidh seo nas motha.

    • Deagh bheachd. Saoilidh mi nach urrainn do dh’fhoillseachairean Gàidhlig a shiubhail air an aon rathad fhoillseachadh ri Beurla – tha na raointean ’s na margaidhean ro eadar-dhealaichte. Dh’fheumamaid a bhith fada na bu shàbhailte/ghlèidhtiche anns na h-amasan againn.
      Is e leudachadh nan genrethen a bu chòir a bhith na phrìomhachas dhuinn, na mo bharail-se.
      Agus a-thaobh briathrachas gnèithean-sgrìobhaidh sa Ghàidhlig – mar a chnuasaich McLeod san ro-ràdh aige ann an ‘Lainnir a’ Bhùirn’, feumaidh gun tionndamaid gu Gàidhlig fhad ’s a mheasas sinn litreachas na Gàidhlig air an latha an-diugh. Oir air an deireadh-caochladh, bhiodh sin gar fàgail gun chomas na rudan a dheasbad sa chànain fhìn!

  3. ‘S e beachd caran faoin a tha seo às dèidh nam beachdan glice aig Alison, ach chanainn gu bheil feum againn air tòrr a bharrachd sgudail is stuth aotrom sgrìobhte sa Ghàidhlig! Gu h-eachdraidheil tha a’ mhòr-chuid de sgrìobhadh sa Ghàidhlig air a bhith gu math tomadach trom-chùiseach – is dòcha gu ìre airson dearbhadh gu bheil a’ Ghàidhlig a cheart cho math ris a’ Bheurla mar mheadhan airson àrd-litreachais. Agus ’s i a tha ach bhiodh e math barrachd stuth aotrom fhaicinn. B’ fheàrr leum am bàs fhèin na bhith leughadh Ernest Hemingway no Charles Dickens is chan eil mi airson stuth high brow is literary a leughadh sa Ghàidhlig nas motha! 🙂

  4. Tha mi a’ dol leat, Alasdair. Tha sgùdail a dhìth oirnn, gun teagamh, ach air an làimh eile feumaidh stuth math a bhith againn agus chan eil sin ri ràdh gum bi e trom-chùiseach. Air continuum eadar George Eliot agus Barbara Cartland tha iomadh seòrsa sgrìobhadh, agus sgrìobhadair, ann. Agatha Christie: aotrom ach gu math sgileil, sàr-sgrìobhadair “genre”, agus na ceudan de leabhraichean aice. Margaret Atwood, trom? Uill, is dòcha, san t-seagh ’s gu bheil i a’ làimhseachadh chuspairean cudromach agus gur e “àrd-lìtreachas” no “ficsean lìtreachais” a th’ ann, ach tha an stuth aice tlachdmhor is furasta a leughadh. Tha math agus dona anns gach genre. Is dòcha gur e “deagh sgùdail” a tha a dhìth oirnn.

    Ach tha Liam ceart gum bu chòir dhuinn an deasbad a chumail sa chànan againn fhìn. Dè a Ghàidhlig air “whodunnit”, ma-tà? Freagairtean air cairt-phuist, mas e bhur toil e.

  5. Airson an stuth as aotroime agus as sgudalaiche sa Ghàidhlig, cha leag sibh a leas ach tionndadh gu: http://iolairelochtreig.blogspot.co.uk

    Agus cha teid neach sam bith a chumail a-mach, eu-coltach ris na modhanan-obrach aig làraich eile nach ainmich mi!

  6. ‘S ann a bha mise a-mach air an stuth ’sguadalach’ a rachadh a-mach à cleachdadh às deagh trì mìosan no a leithid. Ma tha foillseachairean dol a chosg ùine is oidhirp air leabhar, nach bu chòir dha a bhith na bu mhaireanniche na beagan mhìosan? Tha leabhraichean aotrom a dhìth oirnn – chan eil mi ag ràdh nach eil.

  7. Tha mi a’ dol leat Alison is a Liam. Bu mhath leam stuth aotrom fhaicinn – stuth mar Agatha Christie no Ian Rankin, a mhàireas ach nach eil ro àrd-litreachail!

  8. p.s – Alison – “whodunnit”? Dè mu dheidhinn “Co-rinn-e?”

    • Ga dhèanamh àbhaisteach, sin a’ cheist …
      Seonaidh: Cheannaich mi co-rinn-e do mo bhràthair son a chola-breith.
      Donaidh: Dè rud?
      Seonaidh: Co-rinn-e … whodunnit. Tha e deidheil air stoiridhean-muirt.
      Donaidh: Ah! Tha mi a’ tuigsinn. Carson nach tuirt thu sin ma-tà?

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

w

Connecting to %s