Ath-neartachadh Cànain agus Litreachas

The English version of this blog is available here: liamalastair.wordpress.com

ATH-THILLEADH GLUASAD CÀNAIN

Is e aon de na prìomh dhleasdanasan a th’ aig foillseachadh Gàidhlig a bhith a’ cur ri cleachdadh, àbhaisteachadh, agus ath-neartachadh cànain. Sa phost seo, bheir mi sùil air iomairtean Ath-thilleadh Gluasad Cànain agus litreachas – aon ghoireas a tha corra uair air a dhearmad aig luchd-iomairt mhion-chànainean.

Ìre 6 (air tomhas GIDs no Graded Intergenerational Disruption Scale), J. Fishman (1991): gun tèid a’ mhion-chànain a cleachdadh mar dhòigh-chonaltraidh do choimhearsnachd talmhaidh agus gun tachair tar-chur na cànain o ghinealach gu ginealach.

Gu bitheanta, bidh luchd-iomairt mhion-chànainean a’ cur earbsa mòr ann am briathran Fishman sna leabhraichean aige mu dh’ath-bheòthachadh chànainean a tha an an cunnart. San leabhar aige, Reversing Language Shift (1991), chruthaich e griod-tomhais, mar an sgèile Richter, gus na diofar ìrean de bheòthalachd cànain a mheasadh le bhith a’ coimhead air na diofar ìrean de mhì-chothromachadh a bhios mion-chànain a’ fulang.

Chruthaich e ochd ìrean, agus Ìre 6 (cànain choimhearsnachail air a tar-chur o ghinealach gu ginealach) a’ gabhail bunait de gach iomairt ath-bheòthachadh cànain. Agus is e sin an aon ìre a tha sinn an impis a chall air a’ Ghàidhealtachd. Gu dearbha, leis nach eil a’ Ghàidhlig ach aig 52% de dhaoine anns na h-Eileanan Siar ann an 2011 (tuiteam o 2001 agus 1991), tha sinn gu h-ìre mhath air an ìre seo a chall.

ALBA AGUS FOGHLAM TRON GHÀIDHLIG

An aghaidh molaidhean Fishman, tha Alba air na h-oidhirpean ath-bheòthachadh na Gàidhlig a’ cuimseachadh air foghlam (FTG agus clasaichean Gàidhlig). Ged a tha a’ Ghàidhlig ga crìonadh air Ghàidhealtachd, tha i a’ fàs nas làidire air Ghalltachd. ‘S ann mar thoradh do dh’fhoghlam tron Ghàidhlig a tha ag adhbharachadh seo gu h-ìre. Ach air sgàth gainnead na Gàidhlig san taigh, bidh cuid den chlann na bu fhileanta anns a’ Bheurla seach a’ Ghàidhlig. A bharrachd air sin, bidh fèin-aithnean pearsanta agus sòisealta (personal and social identities) na bu mheasgaichte na bha riamh ann.

It appears that a Gaelic-speaking identity is not particularly strong or pervasive amongst many young Gaelic speakers. Gaelic does inform their identities, in different ways, depending on their subjective, social contexts.” (Oliver 2006: 167).

Ann an aithisg J. Oliver (2006) air fèin-aithne am measg oileanaich ann am FTG, mhothaich e sgaradh eadar na sgoilearan anns an Eilean Sgitheanach agus an Glaschu. Anns an Eilean, bha fèin-aithne stèidhichte, sa mhòr-chuid, air dualchas, cultar, agus fearann seach cànain. Ach, an Glaschu, bha cuideam na bu mhò air cànain. Tha buaidh mhòr aig fèin-aithne air cleachdadh-cànain.

“AN GÀIDHEAL ÙR”

Is e na tha sinn a’ mothachadh ach ‘an Gàidheal ùr’, mar a thug an t-Ollamh Coinneach MacFhionghuinn air. Is e sin ach luchd-labhairt na Gàidhlig nach eil a’ buntainn ri coimhearsnachdan tradaiseanta Gàidhealach sam bith.

Tha na Gàidheil ùra air a bhith feumail do leasachadh na cànain. Tha iad air chur ri h-àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig. Cuideachd, bidh iad a’ toirt ri fàs na h-eaconomaidh Gàidhlig, le bhith a’ ceannachd stuthan Gàidhlig (MacCaluim 2006, 2007). Sa bhitheantas, tha iad a’ fuireach air Ghalltachd, sna bailtean mòra agus iad gu math foghlamaichte.

Gu dearbha, tha poileasaidh na Gàidhlig ann an Alba a’ cur cuideam mòr air foghlam mar bhunait. Air an dara làimhe, tha seo a’ fàgail gu bheil Gàidhlig-an-taighe a dhìth air iomadh Gàidheal ùr (a’ gabhail a-steach cloinne). Ach, air an làimh eile, tha e a’ fàgail gu bheil an uiread de luchd-caitheimh litreachais air dhol am meud. Agus sa bhitheantas, ’s ann as àirde a tha do chuid-foghlaim, ’s ann as mò a leughas tu, a rèir coltais.

LEABHRAICHEAN NA GÀIDHLIG AGUS GÀIDHLIG-AN-TAIGHE

Bidh an suidheachadh seo a’ toirt deagh chothroman do litreachas na Gàidhlig san àm ri teachd. Thug mi iomradh mar-thà air mar a chuireas leabhraichean Gàidhlig ri comasan-cainnt an luchd-ionnsachaidh. Mar eisimpleir, carson nach foillsicheamaid leabhraichean a bheireadh Gàidhlig-an-taighe don fheadhainn aig a bheil feum air an leithid? No, nas fhaide air an t-slighe sin, fiù ’s faclan mì-mhodhail! (cf: an leabhar ùr aig M. Newton, The Naughty Little Book of Gaelic, a thèid fhoillseachadh an ceann goirid). Fèill mhath orra agus iad a’ cuideachadh ri ath-neartachadh na cànain le bhith a’ toirt Gàidhlig nàdarra don neach.

Bidh leabhraichean a’ leudachadh coimhearsnachd-cànain. Leigidh iad leat bruidhinn ’s a’ beachdachadh ri tòrr mòr dhaoine (air maireann ’s nach maireann), a’ toirt dhut barrachd beartais-cànain (cf: Kaplan agus Baldauf, Language Planning: 133). Theagamh gun cuidich leabhraichean na beàirn a tha crìonadh na Gàidhealtachd (agus call Ìre 6) a lìonadh nar cleachdadh-cànain. Chan e leighis a th’ annta, ach taic.

Agus leughaidh daoine leabhraichean. Leabhraichean Gàidhlig. Na mo thràchdas fhèin, a-mach air cleachdadh na Gàidhlig am measg Oileanach Fo-cheumnach aig Oilthigh Dhùn Èideann, fhuair oileanaich Cheiltis (aig a bhitheadh ùidh mar-thà anns a’ Ghàidhlig) cuid den chleachdadh a bu bhitheanta bho leabhraichean Gàidhlig (Crouse 2012: 27).

Feumaidh gun cuir sinn romhainn na h-àireamhan seo a leudachadh. Leanaidh an deasbad air mar as urrainn dhuinn sin a dhèanamh na b’ fhaide air aghaidh sa bhlog.

*Taing don Oll. Wilson McLeod airson sùil a thoirt air a’ phost seo.

TÙSAN

Crouse, L., (2012), Cleachdadh na Gàidhlig am measg Oileanach Fo-cheumnach aig Oilthigh Dhùn Èideann, tràchdas fo-cheumanch neo-fhoillsichte.

Fishman, J., (1991), Reversing Language Shift: Theoretical and Empirical Foundations of Assistance to Threatened Languages, Clevedon: Multilingual Matters.

Kaplan, R., & Baldauf, R., (1997), Language Planning From Practice to Theory, Clevedon: Multilingual Matters.

Losonsky, A., (2013), The Gaelic Language: Its Past, Present and Future in Scotland and the Publishing Industry, tràchdas iar-cheumnach neo-fhoillsichte.

MacCaluim, A., (2006), “‘More than Interesting’: a’ Ghàidhlig sa Bhaile Mhòr”, ann an Gàidhealtachdan Ùra, deas. McLeod, td. 19-30.

MacCaluim, A., (2007b), “Air iomall an iomaill? Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an ath-thilleadh gluasad cànain”, ann an Revitalising Gaelic in Scotland, deas. McLeod, td. 185-198.

Oliver, J., (2006), ‘Where is Gaelic? Revitalisation, language, culture and identity’ ann an Revitalising Gaelic in Scotland, deas. W. McLeod, Dùn Èideann: Dunedin Academic Press, td. 155-68.

1 bheachd

Filed under Saoghal na Gàidhlig

Gàidhlig, Litreachas, agus Foillseachadh

The English version of this blog entry is available here: liamalastair.wordpress.com

FEUMALACHDAN LITREACHAS NA GÀIDHLIG AIR FOILLSEACHAIREAN

Ann an saoghal litreachas na Beurla, tha daoine a’ sìor fhaighneachd ‘carson a tha feum againn air foillseachairean?’ Tha freagairtean gu leòr aig foillseachairean don cheist seo (agus carson nach bitheadh – ’s iad na h-aon daoine a bhitheadh a’ call an dreuchdan).

Nise, gun a bhith dol cho fada a-steach don ghnothach an-dràsda (leanaidh sin na b’ fhaide air aghaidh), bu mhath leam measadh a dhèanamh a thaobh feumalachdan litreachais agus fhoillseachairean ann an saoghal na Gàidhlig.

Chan eil foillseachadh na Gàidhlig co-ionnan ri foillseachadh na Beurla – seadh, tha a’ cheart uiread de dh’eadar-dhealachadh ann eadarra ’s a tha de choltas. Mar dheagh eisimpleir, saoilidh mi gur e cleachadh, cothromachadh, agus ath-neartachadh cànain aon dhleastanas mòr a th’ aig foillseachadh na Gàidhlig. ‘S chan eil aig foillseachairean na Beurla.

CLEACHDADH ANN AN CLÒ

Cànain, clò, is cleachadh. Sin e a-rithist. Sa phost mu dheireadh, thug mi geàrr-iomradh air co-cheangail a th’ aig na trì faclan seo.

Mar a thuirt an tìdsear Gàidhlig agam, Joan NicDhòmhnaill, ris a’ chlas uair, “’Mar as moth’ a leughas tu, ’s ann as fheàrr a sgrìobhas tu. Mar as moth’ a sgrìobhas tu, ’s ann as fheàrr a bhruidhneas tu.” Beachd cuideachail do neach-ionnsachaidh – leugh, leugh, leugh!

[Anns an tionndadh Bheurla, thug mi geàrr-iomradh seachad air cor na Gàidhlig ann an Alba. Mar luchd-labhairt na Gàidhlig, tha mi gur measadh eòlach air an t-suidheachadh mar-thà. Seachnaidh mi an seo e.]

A dh’aindeoin ’s gu bheil àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig a’ tuiteam fhathast, tha an ruaig air sochrachadh. Agus tha lainnir as ùr air bùrn na tobrach. Tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a’ sìor leudachadh, agus barrachd òigridh air an nochdadh don chànain (tuilleadh air gluasadan margaideach na Gàidhlig a dh’aithghearr). Bha èirigh san àireamh de dhaoine fon aois 20 aig a bheil comas ann an Gàidhlig a bhruidhinn. Ged-tà, tha an taic agus an cleachdadh a tha do-sheachanta do chlann gus ruigsinn fileantachd sa Ghàidhlig a dhìth. Bidh iad feumach air an uiread a bu mhò de thaic a ghabhas cur riutha (gu sònraichte, ach chan ann a-mhàin, anns an dachaigh). Leis gu bheil comasan-leughaidh ag èirigh thairis air an fhichead bliadhna mu dheireadh, is e aon dhòigh mhath gus seo a choileanadh tro leabhraichean.

Bidh leabhraichean a’ toirt cleachdadh agus stiùireadh dhuinn – Goistidh na Gàidhlig, mar gum b’ e. Bidh leabhraichean a’ bruidhinn ruibh, a’ roinn smuaintean ruibh. Agus, nan robh thu mar mis’, nam neach-ionnsachaidh, no mas e Gàidheal neo-fhileanta a th’ annaibh, no gun a’ Ghàidhlig nur beatha làitheil (no ge b’i dè), bidh leughadh na Gàidhlig ann a’ toirt cleachdadh dhuibh. Cuideachd, uaireannan, bidh leughadh na Gàidhlig a’ neartachadh, ’s a’ cur ris do chuid Gàidhlig. Tha cuimhn’ ’am comh-aois san sgoil a bha aon latha a’ sìor-mholadh na Gàidhlig a tha am broinn Rosg nan Eilean. Dìreach saoil, ’s ann coltach gum bi na bodaich làn-an-claiginn de Ghàidhlig fhèin a sgrìobh na sgeulachdan a’ bruidhinn ruibh anns an fheòl! ‘S ann na b’ ainneimh a bhitheas sin ’sna làitheachan tha romhainn, gu seachd àraidh do na daoine nach eil an sàs ann an coimhearsnachdan tradaiseanta Gàidhealach.

FOILLSEACHAIREAN AGUS BEÀIRN LITREACHAS NA GÀIDHLIG

Agus an seo, a’ cheist mhòr – ma tha daoine a’ cnuasachadh air feumalachdan nam foillseachairean ann an saoghal na Beurla, dè am feum a tha foillseachadh na Gàidhlig gu bhith toirt dhuinn?

Bidh foillseachairean a’ dèanamh iomadach rud. Chan annta, mar as trice air inntinnean grunn daoine, bleigeardan mòra sanntach a bhitheas a’ cosnadh beairteas air muin smuaintean an ùghdair bhochd (uil, chan annta uile).

Ach, aon rud a bhitheas iad a’ dèanamh, is e sin a’ measadh ’s a’ beachdachadh air margaidean litreachais. Bidh iad a’ sireadh fhànasan – niches – ris am b’ urrainn dhaibh leabhar ùr snasail a chàradh a-steach. (Leabhar, aon uair is gun deach a chàradh, a choisneas prothaid. [Ach a bharrachd air prothaid am foillseachadh na Gàidhlig aig uair eile.]) Aon uair is gun deach beàrn a lorg (agus fhad ’s a thathar a’ bruidhinn timcheall litreachas na Gàidhlig: beàirn taobh a-staigh bheàrn), coimiseanaidh iad cuideigin gus a lìonadh.

Agus am faod duine sam bith an seo innis dhomh nach eil litreachas na Gàidhlig làn bheàrn? No, na b’fhìor, tuill. Tuill mhòra. Tuill cho mòr ’s gu bheil iad comasach air genrethen gu lèir a shluigeadh!

Bidh foillseachairean a’ cruthachadh ro-innleachdan gus beàirn a lìonadh taobh a-stigh mhargaidean. Aon bheàrn, a b’ àbhaist a bhith fada na bu mhò na tha e nise, is e ficsean ùr. Ann an 2003, thòiseachadh an sgeama Ùr-sgeul leis an dùil gun lìonadh e beagan den toll a bh’ ann. Agus lìonadh, gu h-ìre. Leis cho mòr a bha an toll mu choinneamh, bha an sgeama air leth soirbheachail. Sheall e dhuinn na ghabhas a dhèanamh ann an saoghal na Gàidhlig dar a tha an ro-innleachd ceart ann. Tha feum aig litreachas na Gàidhlig air tuilleadh sgeamaichean agus iomairtean dha leithid, air an cur an gnìomh le foillseachairean a tha an dà chuid dìleas agus beachdail mu na beàrnan a th’ ann.

THÈID A’ CHUIBHLE MUN CUAIRT

‘S iomadh dùbhlain a tha mu choinneamh litreachas na Gàidhlig. Ged-tà, nuair a thòisicheas a’ chlach a’ ruith leis a’ bhruthach (agus ’s i a tha gu h-ìre bheag a’ cur nan car mar-thà), chan ann ach gun tèid i na bu luaithe air aghaidh. ‘S e seo an rud: sgrìobhaidh ùghdairean leabhraichean, leughaidh leughadairean leabhraichean, agus bidh (corra) leughadairean an uair sin a’ togail orra sgrìobhadh. Aon uair agus gun tòisich sinn an litreachas a leudachadh (agus ùrachadh), gabhaidh a’ chuibhle ath-chuartachail seo stèidheachadh. Steall oirbh!

11 beachd(an)

Filed under Saoghal na Gàidhlig

Ùpraid (2006) le Éilis Ní Dhuibhne

Ùpraid (2006) le Éilís Ní Dhuibhne

Leughadh aotrom do dh’inbhich òga

‘S ann a-mach air triùir dheugairean aois àrd-sgoil a tha fuireach ann am Bail’ Átha Cliath a tha Ùpraid, agus an t-atharrachadh a thig air an tuigse-beatha às dèidh dhaibh ùpraidean mòra a dh’fhulang nam beathannan. Chaidh an leabhar, a bha air a sgrìobhadh bho thùs sa Ghàidhlig Èireannach, eadar-theangachadh gu Gàidhlig le Beathag Mhoireasdan.

Tha an leabhar seo aotrom, siùbhlach, is furasta ri thuigse agus gabhaidh snàth-sgeulachd an leabhair a leantail agus a chreidsinn gun mhòran strì.

Tha dà ghille agus caileag a’ tighinn gu deireadh san cuid-foghlaim aig ìre àrd-sgoil agus na deuchainnean àrd-ìre a’ fantail os an cionn. Is e na deuchainnean mòra bagrach, agus a’ bheatha a bhitheadh comharran àrda a’ fosgladh dhaibh nan dèidh, air inntinn gach aon.

Ach, tha dùbhlain a bharrachd air sgoil ag èirigh ris an fheadhainn seo anns na beathannan àbhaisteach aca. Thig na triùir dheugairean à diofar cùl-suidheachaidhean sòisealta agus sin a’ toirt buaidh mhòr air dè mar a ghiùlaineas iad air taobh a-muigh na sgoile. Tha cuid dhiubh beairteach, ann an taighean mòra prìobhaideach, agus cuid eile nach eil, ach a bhitheas dripeil nan obair. Bidh an leabhar a’ toirt sùil air tnùth is claonadh sòisealta ann an Èireann (agus Breatainn) air an latha an-diugh.

Seadh, bidh an leabhar seo cuideachd a’ dèiligeadh ri cuspairean mòra leithid sgaradh eagar-sòisealtais, droch dhìol, agus eile. Agus mar leabhar aotrom, daonnan b’ ann gun mhòran doimhneachd a bhitheas e gan cnuasachadh. ‘S math dh’fhaoidte gur e sin aon laigse san leabhar. Ach air an làimh eile, ann an corra dòigh, bidh an dìth doimhneachd agus seachnadh-tuigse a’ cur ri stoidhle nàdarra an leabhair.

Tha slighean-beatha aig gach caractar air an cur bus-os-cionn nuair a thachras ùpraidean gun rabhadh agus gu h-obann. Ged-tà, anns a’ mhì-chinnt ùr, thig leasachadh agus atharrachadh air gach aon dhiubh ann am mar a dhèiligeas iad ris na buairidhean seo.

Bha sinn uile uair nar deugairean. Mar sin, saoilidh mi gum faod sinn ceangal gu pearsanta a dhèanamh ris na caractaran san leabhar: cò ris a tha e coltach a bhith air taobh a-muigh no a-staigh buidheann-shòisealta, no deuchainnean mòra a’ fantail os do chionn agus iad comasach air slighe do bheatha a dh’fhuasgladh no a chuingealachadh, no a’ feuchainn ri neo-eisimeileachd phearsanta a choisinn ann an taigh do phàrantan.

‘S ann do dh’inbhich òga a tha an leabhar seo, ach faodaidh gun tèid a mhealtainn le duine sam bith!

1 bheachd

Filed under Lèirmheasan, Uncategorized

Ro-ràdh is cur-an-aithne

The English version of this blog is available here: liamalastair.wordpress.com

CÀNAIN, CLÒ, IS CLEACHDADH

The years 2003–11 should be recognised as a significant period. In 2011, it is tremendously encouraging that Gaelic writers, both existing and new, have been inspired over the last few years to produce fresh, vibrant, challenging new work. Can we build upon Ùr-Sgeul? We are at a crossroads.” (Story 2011, 37).

Tha a’ Ghàidhlig aig crois-rathad gun teagamh sam bith! ‘S iomadach buaidh ùr a thathar a’ tighinn air a’ chànain o chionn deichead no dhà. Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, teicneòlas ùr gleansach, crìonadh na cànain air Ghàidhealtachd… tha liosta fhada ann.

Tha buaidh shònraichte aig gach aon dhiubh air a’ Ghàidhlig. Chruthaich mi am bloga seo gus na buaidhean ioma-thaobhail a chonnsachadh ’s a cheasnachadh a thaobh litreachas na Gàidhlig air an latha an-diugh. Tha an deasbad air thòiseachadh às ùr bho chionn deannan bliadhna, le grunnan math leabhraichean air nochdadh mu shuidheachadh an litreachais Ghàidhlig agus ’s iomadach ceist a tha mu choinneimh litreachas agus ath-bheòthachadh na cànain fhathast ann.

Ach, tòisichidh mi le ainm a’ bhloga seo: Cànain, clò, is cleachdadh. Cànain is clò, tha an ceangal sin tuigseach gu leòr — tha eachdraidh mhòr ann aig clò, a bhitheadh fad linntean a’ foillseachadh smuaintean ann am mìle cànain air feadh an t-saoghail.

Ach, cleachdadh… smaoinich mu dheidhinn cleachdadh cànain. Tha tràghadh is lìonadh ann a thaobh dè cho bitheanta ’s a bhitheas sinn a’ cleachdadh na Gàidhlig, bho latha gu latha. Theagamh nach eil sibh a’ smaointeachadh gun tèid do chuid Gàidhlig am miosad no am feabhas a-rèir cleachdaidh.

(Ach smaointich dar a bh’ agaibh ri briathrachas mòr ionnsachadh airson deuchainn Bheurla air choireigin – cia mheud dhiubh chaidh an dearmad nise?)

Ach, tha barrachd ann a thaobh cànain seach dìreach briathrachas. Agus, ’s ann mar an ceudna a tha cleachdadh. Daonnan, bidh pìosan a’ seargadh le cion-beathachaidh. Ann an Alba air an latha an-diugh, far nach fhaod (no nach urrainn) do Ghàidheil an cuid cànain a’ cleachdadh gu làitheil, ghabhadh i tuiteam às a chèile uaireannan.

AR COIMHEARSNACHDAN ANNS A’ GHÀIDHLIG

Chan eil e na h-aon suidheachadh eadar a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla. Gach latha, bidh a’ Bheurla gu ceithir-thimcheall oirnn, air ar n-innealan didseatach, air busaichean, trèanaichean, ann am bùithtean-cofaidh, air an t-sràid, air an telebhisean, air an raon-chluiche. Anns a’ Ghàidhlig, bidh na coimhearsnachdan-cleachdaidh againn (cò ris a bhitheas sinn a’ cleachdadh na Gàidhlig) pearsanta, càirdeil. Cha mhòr nach eil sibh eòlach air a h-uile duine a bhruidhneas Gàidhlig ruibh. Agus cuideachd, corra uaireannan, is e na coimhearsnachdan-cleachdaidh seo a tha sgapte air feadh na dùthcha.

Air a’ Ghàidhealtachd o chionn tacan, tha a’ Bheurla air bristeadh a-steach do raointean anns nach robh i riamh an sàs. Is i a’ Bheurla cànain na coimhearsnachd ann an cha mhòr a h-uile h-àite; tha na co-luadairean a b’ àbhaist a bhith tro mheadhan na Gàidhlig nise a’ tachairt tro mheadhan na Beurla. Uime sin, tha beàrn an dìth-cleachdaidh sin feumach air lìonadh.

Agus, is e seo sinne a-rithist air n-ais do chànain, clò, is cleachdadh. Air an latha an-diugh, tha dìth-cleachdaidh na Gàidhlig a’ fàs nas bitheanta na bha e riamh. Anns na mìosan a tha romham, bidh mi a’ toirt sùil sa bhlog seo air an àite a th’ aig am facal sgrìobhte ann am beathachadh na Gàidhlig san eanchainn.

CÒ MISE AGUS CARSON A THA MI SGRÌOBHADH SEO?

Nise, airson beagan ‘cur-an-aithne’ (mur eil sibh eòlach orm mar-thà!). Is mise Liam Alastair Crouse agus is e Ameireaganach a th’ annam às Rhode Island. Ann an 2008, thàinig mi a dh’Alba (’son a’ chiad uair, feumaidh mi aideachadh) gus ceum ann an Ceiltis agus Archaeology a leantail aig Oilthigh Dhùn Èideann. Rinn mi sin, agus cheumnaich mi an 2012. B’ e cuspair mo thràchdais ‘Cleachdadh na Gàidhlig am measg Oileanaich Fho-cheumnach aig Oilthigh Dhùn Èideann’, agus bidh mi a’ ceangal phìosan dheth a-steach chun bhlog seo (mar teòiridh ath-bheothachadh cànain, leughadairean Gàidhlig a tha nan inbhich, agus coimhearsnachdan-cleachdaidh – a’ feuchainn gun a bhith tioram!).

An dèidh dhomh mo cheum fhaotainn, b’ fheudar dhomh tilleadh dhachaigh a Rhode Island ann am foghar 2012 (air sgàth atharrachaidhean mòra a thaobh visathan do dh’in-imrichean) . Rè na h-ùine seo, mar neach-labhairt na Gàidhlig a bha fileanta, mhothaich mi mo chuid cànain a’ sìoladh bhuam-sa. Bu bheag an rud a ràdh nach robh mi toilichte leis a’ seo, agus rinn mi strì mhòr gus a cumail agam.

Aig an deireadh, mar a tha mis’ a’ cumail a-mach, bha dà rud a chum mo chuid Gàidhlig o shìor-sheargadh as a’ Choille Ghruamach. B’ iad: leabhraichean Gàidhlig – leabhraichean clò-bhuailte agus air an dèanamh le foillseachairean tradaiseanta – agus làraichean sòisealta air an eadar-lìon, i.e. Facebook. B’ ann aig an àm seo a thuig mi, ann an dòigh bhunaiteach, dè cho cudromach ’s a tha am facal sgrìobhte (agus dealanach) do chleachdadh mion-chànain agus ath-bheòthachadh. Ann an saoghal tha a’ sìor-dhidseatachadh, tha tuilleadh luchd-labhairt mhion-chànainean a’ cleachdadh an eadar-lìon mar làrach cuideachd agus cleachdaidh nan cànainean fhèin.

CÙRSA AN FHOILLSEACHAIDH AGUS STRUCTAR A’ BHLOG

Mu dheireadh, fhuair mi an cothrom a thilleadh a dh’Alba gus Foillseachadh a dh’fhoghlam aig Ionad Eadar-Nàiseanta airson Foillseachaidh agus Conaltraidh aig Oilthigh Shruighlea. Ri linn na cùrsa seo, bidh mi a’ sgrùdadh saoghal caochlaideach an fhoillseachaidh agus a’ cur na bhitheas mi air ionnsachadh gu coimeas ri foillseachadh Gàidhlig. Cuiridh mi romham na smuaintean agus beachdan mu ghnìomhachas an litreachais Ghàidhlig fhoillseachadh air a’ bhlog seo. Mar-thà, leanaidh structar a’ bhlog grunn chuspairean:

  • An tòiseachd, coimheadaidh mi air a’ Ghàidhlig agus ro-innleachd ath-bheòthachadh cànain, a’ gabhail a-steach litreachais.
  • An uair sin, beiridh mi sùil ghoirid air saoghal an litreachais agus saoghal an fhoillseachaidh air an latha an-diugh, agus mar a tha iad a’ sìor-chaochladh. Tha dòighean-obrach agus cleachdadh fhoillseachairean na Beurla ag atharrachadh cha mhòr gach bliadhna (cha mhòr gach mìos!) – dè a’ bhuaidh a bhitheas aig a’ seo air foillseachadh Gàidhlig?
  • Tha dùil ’am gun cuirinn crìoch air blogachadh a’ chiad sheamastair le bhith toirt sùil air Gàidhlig agus Foillseachadh, a’ ceangal an dà chuspair mu dheireadh ri chèile – dè tha romhainn agus càit’ am bu chòir dhuinn foillseachadh Gàidhlig a stiùireadh san àm ri teachd?
  • Ann an seamastar a dhà, tòisichidh mi internship aig foillseachair Gàidhlig. Uime sin, saoilidh mi gum bi am blog na mheasgachadh de theòiridh, bheachdan, agus eòlas practaigeach.

Is e an t-adhbhar a bhitheas mi a’ sgrìobhadh a’ bhlog seo gus fiosrachadh mu fhoillseachadh Gàidhlig a thoirt air aire an t-sluaigh aig a bheil ùidh ann. Bidh corra leughadairean nan Gàidheal, corra dhiubh nan luchd-taic na Gàidhlig. Thig daoine eile à saoghal an fhoillseachaidh fhèin. Anns an fharsaingeachd, chan eil mi ach an dòchas gun èirich deagh chòmhradh is dheasbad às (taobh a-staigh ’s a-muigh a’ bhlog!) agus gun toir e dhuinn deagh chùl-fiosrachadh air litreachas na Gàidhlig los gum faod sinn a leasachadh.

1 bheachd

Filed under Ro-ràdh